Tha coltas ann gu bheil Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig gus tilleadh a Chataibh is aithisg a thèid air beulaibh chomhairlichean a' moladh gun tèid a stèidheachadh san Luirg.
Chaidh measadh, taobh a-muigh a dhèanamh fo Achd an Fhoghlaim às dèidh do phàrantan san sgìre iarrtas a chur gu Comhairle na Gàidhealtachd as t-samhradh.
Cluinnidh Comataidh Gàidhlig Comhairle na Gàidhealtachd Diciadain seo tighinn gu bheil iarrtas ann bho ochdnar chloinne a tha aig aois bun-sgoile 'son 2027/28 is bho chòignear eile a bha nas òige na 5 bliadhna a dh'aois nuair a chaidh am measadh a dhèanamh.
Tha an aithisg, taobh a-muigh a thèid air beulaibh na comataidh mar sin a' moladh gum bu chòir FtMG a chur air dòigh ann am Bun-sgoil na Luirge, às dèidh do Chomataidh na Gàidhlig fhèin is Comataidh an Fhoghlaim beachdachadh air.
Gàidhlig ann an Cataibh: "Chan eil mi a' faicinn moran a' tachairt"
Deasbad às ùr mu ath-dhùsgadh na Gàidhlig an Cataibh
Là mòr na Gàidhlig an Cataibh
Bhiodh an clàr-ama a rèir an dà chuid tidsear fhastadh is àite a chur air dòigh san sgoil.
Tha an aithisg ag ràdh gu bheil còmhraidhean tràth air nochdadh gur dòcha gun gabhadh àite a dhèanamh 'son FtMG san sgoil gun mòran airgid a bharrachd a chosg, ach gu bheil feum air barrachd rannsachaidh a dhèanamh.
Bha FtMG roimhe ri fhaighinn ann an Cataibh ann an Drochaid a' Bhanna, ach bho dhùin an t-aonad sin ann an 2016 bha aig sgoilearan na Gàidhlig ri siubhal gu Baile Dhubhthaich air Taobh Sear Rois.
Tha oidhirp air a bhith a' dol aig ìre na coimhearsnachd gus suidheachadh na Gàidhlig san fharsaingeachd a leasachadh ann an Cataibh às dèidh do dh'àireamhan a' chunntais-shluaigh ann an 2022 dealbh gu math dubhach a dhèanamh.
Tidsear Gàidhlig ga lorg airson cor na Gàidhlig a neartachadh an Cataibh
Tìdsear Gàidhlig làn-ùine airson a' chiad uair an Loch Àlainn
Chaidh dragh a thogail air BBC Naidheachdan gun robh a' Ghàidhlig air crìonadh gu mòr san sgìre is gur e glè bheag a bha a' tachairt a thaobh a' chànain.
Air a' cheann thall chaidh an iomairt Gàidhlig ann an Cataibh a stèidheachadh is a' bhuidheann air a bhith ag obair bhon uairsin feuch gnothaichean a thoirt air adhart.
Tha FtMG a thilleadh dhan sgìre air a bhith am measg nan amasan aig Gàidhlig ann an Cataibh.
Bha leasachadh eile san Lùnastal nuair a chaidh tidsear Gàidhlig fhastadh airson dreuchd ùr aig Àrd-Sgoil Far ann an Cataibh.
Tha fòcas an sin air Gàidhlig a theagasg do luchd-ionnsachaidh san àrd-sgoil le buannachd ann cuideachd dha na bun-sgoiltean a tha ceangailte ris.
Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gur e an t-amas a bha aca "spionnadh a thoirt do dh'oidhirpean gus a' Ghàidhlig a neartachadh san sgìre".




